Dùblachadh luchd-siubhail air loidhne-rèile Harry Potter

An Jacobite Image copyright Getty Images
Image caption Tha 84 mìle eadar an Gearasdain agus Malaig le seallaidhean chò àlainn sa gheibhear an àite sam bith air an t-saoghail.

Chaidh dùblachadh air an àireimh de luchd-siubhail a tha a' cleachdadh loidhne-rèile Taobh Siar na Gàidhealtachd a' dol tarsaing drochaid-rèile Ghleann Fhionnainn anns an 10 bliadhna a chaidh seachad a rèir staitistigean ùra.

'S e Oifis Riaghladair na Rèile, a dh'fhoillisch na figearan 's tha e a' mìneachadh gu bheil an loidhne, a chaidh fhaicinn anns na filmichean Harry Potter, a' còrdadh gu mòr ri luchd-siubhail.

Bhiodh an Hogwarts Express mar a bh' air an trèana anns na filmichean, a' dol tarsaing drochaid-rèile Ghleann Fhionnainn agus anns a' bhliadhna a chaidh seachad, thadhail còrr is 11,000 neach air stèisean-rèile Ghleann Fhionnainn.

Thuirt ScotRail, leis gu bheil na h-uiread de dhaoine a' tighinn ann gun tèid slighe-coiseachd a tha a' dol eadar an stèisein agus an drochaid-rèile a leasachadh gus am bi e nas fhasa do luchd-turais na seallaidhean brèagha fhaicinn.

Tha dòchas ann gun toir seo air barrachd dhaoine an trèana a chleachdadh nuair a tha iad a' tadhal air an sgìre.

Image copyright ScotRail

An-uiridh, dh'aontaich Comhairle na Gàidhealtachd airgead a chosg air pàirce-chàraichean nas motha a chur air dòigh aig Ionad Tadhail Urras Nàiseanta na h-Alba a th' anns a' bhaile.

Bha seo air sgàth 's gun robh trioblaidean mòra le daoine a' fàgail nan carbadan aca air an rathad mhòr, 's bha iomagain cuideachd mu shàbhailteachd leis gun robh cuid de luchd-turais a' coiseachd air an loidhne-rèile fhèin, 'son na dealbhan as fheàrr fhaighinn den drochaid-reile.