BPA Earra-Ghàidheal air "uabhasachadh" mu sheirbheis adhair

Itealan Hebridean Air Service
Image caption Aig an ìre seo 's e Hebridean Air Services Eta a tha a' ruith nan seirbheisean eadar an t-Òban, Colla, Tiriodh, Colbhasa agus Ìle.

Thuirt Ball-Pàrlamaid Albannach Earra-Ghàidheal is Bhòid, Mìcheal Ruiseal, gu bheil e air "uabhasachadh" gum faodadh eileanan Cholla, Thiriodh agus Cholbhasa an t-seirbheis adhair PSO aca chun an Òbain a chall airson co-dhiù sia seachdainnean as t-Samhradh.

Thuirt Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid nach d' fhuair iadsan tairgse fhreagarrach airson cùmhnant ùir, 's mar sin tha a h-uile coltas nach bi seirbheis ann às dèidh a' Chèitein, nuair a thig an cùmhnant PSO aig Hebridean Air Services Eta gu crìch.

Nas miosa

Aig an ìre seo 's e Hebridean Air Services Eta a tha a' ruith nan seirbheisean eadar an t-Òban, Colla, Tiriodh, Colbhasa agus Ìle agus 's iad an aon chompanaidh a tha a' toirt seachad seirbheis mar seo.

Thuirt Mgr Ruiseal gun do thachair an aon seòrsa rud an turas mu dheireadh a chaidh an cùmhnant a-mach gu tairgse 's gun robh na h-eileanaich troimhe chèile mu dheidhinn an uairsin.

"An turas seo, tha e nas miosa builleach, leis nach deach fiosrachadh sam bith a thoirt dhaibh 's bhiodh e uabhasach a bhith às aonais seirbheis fad sia seachdainean.

"Bhiodh seo a' toirt droch bhuaidh air beatha-làitheil mòran daoine, clann-sgoile aig àm nan deuchainean aca, daoine proifeiseanta a' feuchainn ris an obair aca a dhèanamh, agus euslaintich a' dol dhan ospadal air Tìr-Mòr, chan eil seo math gu leòr," thuirt e.

"Feumaidh a' Chomhairle dòigh fhaighinn timcheall air seo.

"Ma tha trioblaidean ann a thaobh an ionmhais 'son na seirbheis, is cinnteach gun urrainn dhaibh atharrachadh a dhèanamh air cho tric 's a tha iad a' tadhal air gach eilean," thuirt Mgr Ruiseal.

Briseadh

Thathas a' tuigsinn gur e dìreach aon chompanaidh a chuir tagradh a-steach airson a' chùmhnant, ach thuirt a' Chomhairle nach robh an tagradh a fhuair iad freagarrach, agus chuir a' Chomhairle stad air a' phròiseas.

Thuirt a' Chomhairle gun robh iad a' dèanamh an dìchill dòighean a lorg 'son freagairt fhaighinn air a' chùis.

Bidh Hebridean Air Services Etc, a' tadhal air gach eilean dà thuras gach seachdain agus 's e seirbheis riatanach PSO (Public Service Obligation) a th' aca air Colla, Tiriodh agus Colbhasa.

Tha dà itealan aca, ach chan urrainn dhaibh ach naoinear luchd-siubhail a thoirt air bòrd.

A dh'aindeoin sin ge-tà, tha eileanaich a' faicinn na seirbheis mar rud cudromach dhaibh.

'S e Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a tha a' toirt seachad a' chùmhnant PSO, a tha luach £720,000 agus thig an cùmhnant a th' ann an-dràsta gu crìch air 15mh Cèitean 2019.

Tuilleadh air an sgeulachd seo