An Canan Aonghas MacCuithein, 1923 - 2019

An Canan Aonghas MacCuithein Image copyright RCD Argyll and the Isles

Bhàsaich an Canan Aonghas MacCuithein ann am Barraigh.

Bha e 95 bliadhna de dh'aois agus air còrr is 60 bliadhna a chur seachad na shagart-paraiste.

Am measg eile bha e stèidhichte ann an Èirisgeigh, am Bòrnais agus mu dheireadh ann am Barraigh.

Rugadh Mgr Aonghas ann am Baile Ghairbhidh san Iochdar ann an Uibhist a Deas ann an 1923.

Bha làn dhùil aig a phàrantan a dhol a Chanada còmhla ris an fheadhainn a chaidh a-null cuide ri Mgr Iain Dhonnchaidh air a' Mharloch, ach bha a mhàthair a' giùlain leanaibh agus roghannaich iad fuireach ann an Uibhist.

Bha Mgr Aonghas 12 bliadhna a dh'aois nuair a cho-dhùin e gun robh e airson "daoine fhàgail toilichte" mar a thuirt e fhèin, agus chaidh e air adhart gu bhith na shagart.

Às dèidh dha a bhòidean a ghabhail agus dà bhliadhna a chur seachad mar shagairt-cuideachaidh 's na 50an, chaidh e dhan chiad phàraiste aige fhèin an Èirisgeigh am measg nan iasgairean.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
An Canan Aonghas MacCuithein, a' bruidhinn air Sgeulachd Beatha ann an 2015.

A thuilleadh air a bhith a' frithealadh eaglaisean anns na h-Eileanan, chuir e seachad greis air tìr-mòr ann am Mòrar agus Dùn Omhainn, ach mar a thuirt e fhèin uaireigin, cha b'e fear-sràideach a bh' ann, agus thìll e chun nan Eilean gu ruige Bharraigh.

Bha e ann am Paraiste Bhagh a' Chaisteil an-toiseach, agus an uairsin anns a' Bhagh a Tuath far a do chuir e seachad còrr air 20 bliadhna.

Chuir e an t-uabhas taic ris a' Ghàidhlig agus ris a' chultar ionadail, a' nochdadh gu tric air an rèidio agus air telebhisean.

Sheall e ùidh mhòr ann an còcaireachd, agus gu h-àraidh le stuth a gheibheadh timcheall a' chladaich, a leithid eun-mara is èisg.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
An Canan Aonghas MacCuithein a' bruidhinn ri Coinneach MacÌomhair ann an 1993.

Leig Mgr Aonghas dheth uallach paraiste ann an 2011 agus dh'eug e madainn Disathairne ann an Dachaigh Cùraim an Naoimh Bhrianain ann am Bàgh a' Chaisteil.

Thèid an corp aige a thoirt gu Eaglais an Naoimh Mìcheil, Àird Choinnich, Uibhist a Deas, Diciadain.

Thèid aifreann an tòrraidh a chumail Diardaoin 14mh, aig 11:00m, mus tèid a thìodhlacadh aig Cladh Àird a' Mhachaire.