Rannsachadh air tinneas inntinn am measg thuathanach

Crodh Gàidhealach

Tha Oilthigh Robert Gordon agus NHS Roinn a' Mhonaidh a' dèanamh rannsachaidh air tinneas inntinn am measg thuathanach agus dè as urrainn a dhèanamh 'son barrachd taic a thoirt dhaibh.

Tha seo a' tachairt aig a' cheart àm sa tha Oifis Nàiseanta nan Statastaig air figearan ùra fhoillseachadh a' sealltainn gu bheil, anns an fharsaingeachd, aon tuathanach a' cur làmh na bheatha fhèin gach seachdain anns an Rìoghachd Aonaichte.

Thuirt Lyndsay Alexander bhon phròiseact gu bheil iad airson faighinn a-mach dè dh'fhaodar a dhèanamh 'son barrachd taic a thoirt do thuathanaich agus daoine eile anns a' ghnìomhachas.

"Chan eil fianais sam bith ann aig an ìre-sa, 's mar sin 's e a' chiad rud a dh'fheumas sinn a dhèanamh 's e a bhith a' bruidhinn ri tuathanaich 'son faighinn a-mach dè seòrsa innleachd no goireas a bhiodh feumail dhaibh agus an uairsin, sin a chur an gnìomh.

"Tha NHS Roinn a' Mhonaidh air a bhith ag obair air pròiseact no dhà mar-thà le tuathanaich, agus le bhith dèanamh rannsachaidh farsaing, bu chòir taic nas fheàrr a bhith ann dhaibh", thuirt i.