Naidheachdan 11:00
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00

11 An Gearran 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Eaconamaidh

Thàinig maill air fàs san eaconamaidh ann an 2018 a rèir nan àireamhan as ùire bho Oifis nan Stataistig Nàiseanta. B'e fàs aig 1.4% a bha'nn an-uiridh, am fàs as lugha bho 2012. Agus thàinig crìonadh 0.4 % air an eaconmaidh san Dùbhlachd a rèir tomhas air torradh, GDP, na dùthcha.

Brexit

Leig Theresa May fhaicinn gu bheil i 's dòcha deònach gèilleadh gu ìre airson taic nan Làbarach fhaighinn do dh'aonta Bhrexit aice. Ann an litir gu Jeremy Corbyn, tha am Prìomhaire a' bruidhinn air còraichean luchd-obrach a ghlèidheadh agus taic-airgid dha na sgìrean as miosa a dh'fhulaingeadh le Brexit. Thuirt a' Bhean-phòsta May gu bheil i deònach tuilleadh còmhraidh a dhèanamh le Mgr Corbyn ged a tha i a' diùltadh an rud as motha a tha ceannard nan Làbarach ag iarraidh, sin aonta cuspainn maireannach leis an Aonadh Eòrpach.

FAI ga iarraidh

Tha boireannach à Siorrachd Lannraig ag iarraidh ath-sgrùdadh air seirbhisean slàinte inntinn an dèidh dha a caraid làmh a chur na bheatha fhèin. Tha Karen McKeown ag ràdh gun do dh'iarr Luke MacEangraig cuideachadh bho NHS Shiorrachd Lannraig ochd tursan san t-seachdainn mas do chuir e làmh na bheatha fhèin san Dùbhlachd ann an 2017. Thuirt NHS Shiorrachd Lannraig aig an àm gun do rinn iadsan a h-uile dad mar bu chòir ach tha Karen MacKeown ag iarraidh rannsachadh FAI. Thuirt Riaghltas na h-Alba gu bheil NHS Shiorrachd Lannraig a' rannsachadh na thachair. Thuirt iad gu bheil rannsacadh neo-eisimeileach eile ann mu sheirbhisean slàinte inntinn ann an Taobh Tatha, agus gun tèid na dh'ionnsaicheas iad bhon sin a chur an sàs air feadh an NHS ann an Alba.

Ross MacThòmais

Thàinig e am follais gun deach Ross MacThòmais, ball-pàrlamaid Obair Dheathain a Deas, a thoirt gu aire Choimiseanair Modh Westminster an dèidh aithrisean gun do bhoin e do daoine ann an doigh mhì-iomhchaidh agus feiseil. Thug polais Mgr MacThòmais a-mach à Taigh-seinnse Strangers ann an Taigh nan Cumantan an t-seachdain seo chaidh agus bhruidhinn iad ris an dèidh gearain mu a dhol-a-mach. Tha Mgr MacThòmais a' dol às àicheadh gun do rinn e dad ceàrr.

Buidseat Comhairle na Gàidhealtachd

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu feum iad tòiseachadh a' dèanamh barrachd airgid gu coimearsalta agus toll de chòrr agus trì fichead millean not gu bhith sa bhudseat aca air an ath thrì bliadhna. Thèid iarraidh air buill taic a chur ri buidseat na Comhairle an t-seachdainn seo an dèidh dhaibh gearraidhean de sheachd deug thar fhichead millean not a chomharrachadh.

Seirbheisean adhair

Tha ceist ann mu na seirbhisean adhair às an Òban gu ruige Colla, Tiriodh agus Colbhasa. Tha Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid ag ràdh nach d' fhuair iad tairgse fhreagarrach fhathast airson a' chùmhnant ùr an dèidh dhan chùmhnant PSO aig Hebridean Air Services Earranta tighinn gu ceann sa Chèitean.