200 mìle 'son fiaclair fhaicinn

Fiaclan Image copyright Getty Images

Feumaidh cuid de chloinn-sgoile à ceann a tuath na h-Alba a' siubhal a dh'Inbhir Nis 'son fiaclair orthodontist fhaicinn - turas a tha còrr is 200 mìle air ais agus air adhart.

Uaireanan chan eil iad a' faicinn an fhiaclair ach airson dhà no trì mhionaidean nuair a tha iad a' teannachadh bhreusaichean nam fiaclan aca.

Tha seo a' tachairt air sàilleabh gainnead fhiaclairean orthodontist - rud a tha na thrioblaid 'son grunn bhòrd-slàinte air feadh Alba.

950 coinneamhan

A rèir buidhne iomairt slàinte a' chinn a tuath, CHAT, tha timcheall air 950 coinneamh air a cur air dòigh le orthodontist ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir gach bliadhna.

Thuirt tè-labhairt na buidhne, Marie Aitken, gum feum clann ùine a ghabhail dheth bhon sgoil anns a' cheann a tuath, 'son a dhol sìos a dh'Inbhir Nis.

"'S e seo an t-àm a tha iad feumach air an obair seo a dhèanamh air na fiaclan aca - tha iad nan inbhich òga, le cuid aca feumach air breusaichean.

Call ùine

"Ach 's e àm cudromach nam beatha a th' ann a-thaobh obair-sgoile, 's cha bu chòir dhaibh a bhith a' call a-mach air an ùine seo.

"Cha mhòr nach eil iad a' dol dhan Ràthaig Mhòr gach sia seachdainean, chan eil e cothromach dhaibh, 's chan eil e cothromach do na teaghlaichean aca a dh'fheumas pàigheadh 'son seo," thuirt i.

Ann am brath-naidheachd, thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil iad air orthodontist locum fhastadh bho chionn ghoirid, a tha ag obair pàirt-ùine aig Ospadal an Ràthaig Mhòir, ach chan eil e comasach dhaibh a bhith a' siubhal.

Thuirt an neach-labhairt gu bheil co-fhaireachdainn aca dhan fheadhainn a dh'fheumas siubhal a dh'Inbhir Nis 'son leigheas, agus gu bheil am Bòrd Slàinte a' feuchainn ri fuasgladh fhaighinn air an trioblaid seo.