Ceist mu sheirbheis adhair Cholla, Thiriodh agus Cholbhasa

Itealan Hebridean Air Service
Image caption Aig an ìre seo 's e Hebridean Air Services Eta a tha a' ruith nan seirbheisean eadar an t-Òban, Colla, Tiriodh, Colbhasa agus Ìle.

Tha ceist ann mu na thachras dhan t-seirbheis adhair às an Òban a dh'eileanan Cholla, Thiriodh agus Cholbhasa.

Tha eagal nach bi seirbheis ann às dèidh a' Chèitein, nuair a thig an cùmhnant PSO aig Hebridean Air Services Eta gu crìch.

Thuirt Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid nach d' fhuair iad tairgse fhreagarrach airson cùmhnant ùir.

Aig an ìre seo 's e Hebridean Air Services Eta a tha a' ruith nan seirbheisean eadar an t-Òban, Colla, Tiriodh, Colbhasa agus Ìle agus 's iad an aon chompanaidh a tha a' toirt seachad seirbheis mar seo.

Riatanach

Bidh iad a' tadhal air gach eilean dà thuras gach seachdain agus 's e seirbheis riatanach PSO (Public Service Obligation) a th' aca air Colla, Tiriodh agus Colbhasa.

Tha dà itealan aca, ach chan urrainn dhaibh ach naoinear luchd-siubhail a thoirt air bòrd, ach a dh'aindeoin sin, tha eileanaich a' faicinn na seirbheis mar rud cudromach dhaibh.

'S e Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a tha a' toirt seachad a' chùmhnant PSO, a tha luach £720,000 agus thig an cùmhnant a th' ann an-dràsta gu crìch air 15mh Cèitean 2019.

Briseadh

Thathas a' tuigsinn gur e dìreach aon chompanaidh a chuir a-steach tagradh airson a' chùmhnant, ach thuirt a' Chomhairle nach robh an tagradh a fhuair iad freagarrach, agus chuir a' Chomhairle stad air a' phròiseas.

Tha iomagain air cuid gun tèid an t-seirbheis à bith mura faighear tagradh, gu h-àraidh clann-sgoile ann an Colbhasa agus Colla a tha a' cleachdadh na seirbheis 'son faighinn dhan sgoil san Òban

Thuirt Ceannard Poileasaidh 'son Rathaidean is Ghoireasan aig Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Ruairidh MacCumhais, gu bheil esan an dòchas gun tèid an cùmhnant a chur a-mach gu tairgse a-rithist cho luath 's a ghabhas. Thèid seo a dheasbad aig Comataidh Poileasaidh is Ghoireasan Diardaoin.

Thuirt e gum biodh aca ris an t-seirbheis a stad rè-ùine - rud, a bha e ag ràdh, a bhiodh uabhasach do na h-eileanan beaga.

Aig a' char as luaithe thòisicheadh seirbheis ùr aig deireadh na h-Ògmhios.