Leasachadh aig sgoiltean Sgitheanach na phrìomhachas

Bun-sgoil an Ath Leathainn
Image caption Tha Bun-sgoil an Ath Leathainn feumach air leasachadh.

Tha Ministear an Ionmhais Phoblaich a' cur fàilte air an naidheachd gum bi Comhairle na Gàidhealtachd a' sireadh taic-airgid airson dà bhun-sgoil anns an Eilean Sgitheanach ath-nuadhachadh.

Thuirt Ceit Fhoirbeis gun d' fhuair i dearbhadh bhon ùghdarras ionadail gu bheil na bun-sgoiltean ann an Dùn Bheagain agus san Ath Leathann aig bàrr na liosta aca airson sgoiltean a leasachadh.

Tha cruaidh-fheum aig na goireasan san dà bhaile air ùrachadh; chan eil mullach Bun-Sgoil Dhùn Bheagain dìonach agus tha togalach Bun-Sgoil an Ath Leathainn ann an droch staid.

Choinnich i le àrd-oifigear ùr an ùghdarrais, Donna Manson, airson innse dhi cho cudromach agus a bha togalaichean ùra dhan Ath Leathann agus Dùn Bheagain.

Prìomhachas

Thuirt Ms Fhoirbeis gun d' fhuair i an dearbhadh gu bheil leasachadh an dà sgoile na phrìomhachas ann an litir bho stiùiriche eadar-amail roinn an fhoghlaim aig Comhairle na Gàidhealtachd, Sandra Chaimbeul, naidheachd a thug togail dhi, tha i ag ràdh.

"Tha e glè chudromach, bhon a dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba taic-airgid a bharrachd, luach £1bn airson sgoiltean ùra, gun tèid ullachadh a dhèanamh gus am bi na pròiseactan deiseil airson a dhol air adhart nuair a chuireas a' Chomhairle tairgse a-steach airson maoineachaidh," thuirt Ms Fhoirbeis.

"Tha mòran obrach ri dhèanamh ach 's e naidheachd fìor mhath a th' ann gu bheil coltas ann gu bheil plana aig a' Chomhairle, agus gu bheil iad ag aithneachadh cho cudromach agus a tha bun-sgoiltean Dhùn Bheagain agus an Ath Leathainn, agus mu dheireadh thall, tha adhartas ga dhèanamh," thuirt i.

Thuirt fear de chomhairlichean na sgìre, Iain Fionnlasdan, gun robh e air a dhòigh ghlan leis an naidheachd.

"Tha a'choimhearsnachd, luchd-obrach, pàrantan, oifigich Comhairle na Gàidhealtachd agus am BPA againn air obrachadh còmhla airson dèanamh cinnteach gum faigh a' chlann àrainn ionnsachaidh ceart airson na 21mh Linne," thuirt e.