Cù san robh snàthad na amhaich a' tighinn air adhart

Toby Image copyright PA
Image caption Tha Toby a-nis slàn fallainn an dèidh obair lannsa.

Bha dùil gu robh tinneas eanchainn air a'chù ach fhuaireadh gu robh snàthad trì òirlich a dh'fhaid an sàs na amhaich.

Chaidh Toby, abhag Yorkshire a tha 13 bliadhna, a thoirt dhan bheat ann an Inbhir Narann leis gun robh e duilich dha coiseachd agus bha cuairtean a' tighinn air.

Sheall dealbhan X-rèidh gun robh an t-snàthad air còrd cnàimh an droma a ghearradh.

Chaidh aig lannsairean ann an Dùn Èideann air a faighinn às agus tha Toby air ais dhan àbhaist.

Thuirt maighstear a' choin, Alasdair MacSheumais às a' Mhanachainn nach biodh Toby air a bhith beò as aonais sgilean nan eòlaichean aig an Ospadal airson Beathaichean Beaga aig Sgoil Rìoghail Obair nan Lìghichean-sprèidh ann an Dùn Èideann.

"Fhuair e cùram air leth bhuapa agus tha sinn air ar dòigh gu bheil e air ais mar a bha e," thuirt e.

Fhuair iad gun robh an t-snàthad - anns an robh fhathast snàth na sùil - gu math faisg air eanchainn a'choin.

Chan eil fhios ciamar a chaidh an t-snàthad a-steach a dh'amhaich Thoby ach tha na bheataichean den bheachd gur dòcha gun do dh'ith e i no gun do chuir e a cheann sìos oirre.