Stòras ùr airson cumhachd na tìde-mhara

Inneal airson cumhachd na tìde-mhara

Tha maoineachadh luach £10m ri fhaotainn airson sgeamaichean làn-mara a dhèanamh nas fharpaisiche le cumhachd na gaoithe.

Tha Riaghaltas na h-Alba air Stòras Bratach-croise Cumhachd na Tìde-mhara a' stèidheachadh airson cuideachadh a thoirt do dhaoine a tha a' feuchainn ri pròiseactan a chur air adhart, na cosgaisean aca a chumail sìos.

Tha e ag amas cuideachd air cothrom a thoirt dhan ghnìomhachas a bhith a' farpais ri companaidhean cumhachd gaoithe.

Thuirt Ministear a' Chumhachd, Pòl Wheelhouse, gu bheil an gnìomhachas air soirbheachadh gu mòr sna beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh, ach gu bheil e air barrachd ùine a thoirt agus tha e air a bhith na dhùbhlan na bu mhotha na bha dùil an toiseach, an obair a dhèanamh coimearsalta.