Sgeama ùr a chuireas dìon air innealan ATM air an tuath

Inneal-airgid ATM Image copyright PA

Chuireadh fàilte air cìs shònraichte a tha ag amas air seirbheisean ATM a ghlèidheadh ann an sgìrean iomallach.

Feumaidh na companaidhean ris a bheil na h-innealan-airgid an urra a' chìs a phàigheadh agus thèid na thèid a thogail a chleachdadh airson seirbheisean a dhìon ann an coimhearsnachdan dùthchail.

Chuir Ministear an Ionmhais Phoblaich, Ceit Fhoirbeis, fàilte air an sgeama subsadaidh a thòisich bho chionn ghoirid.

Tha a' Bh-Mhgr. Fhoirbeis, a tha cuideachd na BPA dhan Eilean Sgitheanach, Loch Abar agus Bàideanach, den bheachd gu bheil seo gu sònraichte cudromach leis gu bheil uiread de bhancaichean a' dùnadh ann am bailtean beaga air feadh na dùthcha.

Fàilte

"Tha sinn fhathast feumach air airgead.

"Tha daoine fhathast a' cleachdadh barrachd airgid na tha iad a' cleachdadh nan cairtean.

"Tha sin a' ciallachadh gu bheil feum againn ATMs a dhìon anns na sgìrean mar a' Ghàidhealtachd," thuirt i.

Thuirt a' Bh-Mhgr. Fhoirbeis gu bheil i air a bhith a' bruidhinn ris a' PSR (Payments and Service Regulator), an riaghladair airson siostaman pàighidh mar seo, agus cuideachd leis a' chompanaidh, LINK, ris a bheil an lìonra de dh'innealan-airgid air feadh na Rìoghachd Aonaichte an urra.

LINK

"'S e ceum mòr a th' ann ach tha mise a' dol a chumail sùil air cho soirbheachail agus a tha e.

"Tha LINK ag ràdh gum bi a' chìs seo ann airson còrr air 3,000 ATM a tha fhathast an asgaidh.

"Tha iadsan a' smaoineachadh gu bheil e gu math cudromach gu bheil fhathast ATMs ann, gu h-àraidh ann an sgìrean mar a' Ghàidhealtachd, a tha fhathast an asgaidh.

"'S e a' chìs ùr seo dìreach aon de na ceumanan anns a' phrògram aca airson dèanamh cinnteach gum bi fhathast cothrom aig daoine a tha a' fuireach agus ag obair ann an àiteachan far nach eil banca fhathast ann neo ATM eile ann airgead fhaighinn a-mach," mhìnich i.