Draghan mu bhuidhinn slàinte am Muile

Tobar Mhoire Image copyright Getty Images
Image caption A rèir Chathraiche Comhairle Coimhearsnachd Mhuile, tha na trì Buidhnean Planaidh Slàinte Ionadail ann an ceann a tuath Earra-Ghàidheal a' dol còmhla agus bidh a' bhuidheann ùr stèidhichte air Tìr-Mòr.

Tha dragh ann am Muile gum faodadh buidheann a chuir NHS na Gàidhealtachd air bhonn 'son dèiligeadh ri gnothaichean slàinte an eilein a dhol à bith.

A rèir Chathraiche Comhairle Coimhearsnachd Mhuile, tha na trì Buidhnean Planaidh Slàinte Ionadail ann an ceann a tuath Earra-Ghàidheal a' dol còmhla agus bidh a' bhuidheann ùr stèidhichte air Tìr-Mòr.

Thuirt Billy McClymont gun robh Muile air a mheas roimhe mar "eilean ann an droch staing" aig ìre mheadaigich.

Mar thoradh air sin, tha Mgr McClymont den bheachd nach biodh an gluasad seo math dhan eilean.

Deasbad

Tha e cuideachd airson 's gum bi cothrom aig a' choimhearsnachd ann am Muile pàirt a ghabhail anns an deasbad.

Tha duilgheadasan air a bhith ann am Muile le trioblaidean slàinte airson treis, 's còig dotairean teaghlaich a dhìth an-dràsta air an eilean.

Bho chionn trì bliadhna, às dèidh coinneimh eadar riochdairean coimhearsnachd agus Rùnaire na Slàinte, chaidh Buidhnean Planaidh Slàinte Ionadail 'son Mhuile agus Eilean Ì a chur air bhonn.

Am beachd Chathraiche Comhairle Coimhearsnachd Mhuile tha sin a' toirt cothruim dhan choimhearsnachd fiosrachadh fhaighinn mu dhòighean stiùiridh slainte agus na beachdan aca a chur air adhart.

Thuirt Bhilly McClymont: "Chaidh buidheann planaidh ionadail a thoirt dhuinn fhèin, rud a bha air leth, leis nach robh aig daoine anns a' choimhearsnachd - a tha ag obair gu saor-thoileach - faighinn dhan Òban, a' fàgail chùisean nas fhasa dhan choimhearsnachd."

Lùghdachadh

Ach tha Bòrd Amalaichte Slàinte is Obair-shòisealta Earra-Ghàidheal is Bhòid airson na buidhnean planaidh seo a lùghdachadh air feadh na sgìre.

Thathas airson na trì buidhnean ann an ceann a tuath Earra-Ghàidheal a chur còmhla, rud nach biodh math do Mhuile a rèir Mhgr McClymont:

"Chuir e an t-uabhas oirrn nuair a chuala sinn gun robhar a' toir crathaidh air a' phlana ionadail.

"Bha iad gu bhith a' toirt nan trì buidhnean ionadail bho cheann a tuath Earra-Ghàidheal agus gan cur còmhla mar aon bhuidhinn, a bhiodh stèidhichte anns an Òban - rud a tha gun fheum do dhaoine a tha a' fuireach air eilean."

Nas èifeachdaiche

Thuirt neach-labhairt bho Bhòrd Amalaichte Slàinte is Obair-shòisealta Earra-Ghàidheal is Bhòid gun robh iad airson taing a thoirt dhan a h-uile duine a bha an sàs anns na buidhnean planaidh ionadail air feadh na sgìre.

Ach thuirt iad cuideachd, às dèidh dhaibh bùithtean-obrach a chumail san Dàmhair an-uiridh, gun tàinig iad dhan cho-dhùnadh an àireamh de bhuidhnean a lùghdachadh bho 9 gu 4.

Thuirt an neach-labhairt nach robh am modail sin airson cùraim ag obair anns a h-uile àite agus gun robh iad airson 's gum bi na buidhnean nas èifeachdaiche.