"Cha ghabh casg iasgaich a chur an sàs"

Iasg Image copyright Getty Images
Image caption Chan eil e ceadaichte a-nis do dh'iasgairean iasg nach eil iad ag iarraidh a thilgeil air ais dhan mhuir.

Cha ghabh casg bhon Aonadh Eòrpach air a bhith a' tilgeil èisg air ais dhan mhuir a chur an sàs ri linn 's gun dèanadh e cron mòr air a' ghnìomhachas.

Tha sin a rèir aithisg bho Thaigh nam Morairean, a tha ag ràdh nach urrainn do riaghaltasan Bhreatainn no na h-Alba casg a chur an sàs nas motha.

Bho thoiseach na bliadhna, chaidh òrdachadh gum feumadh iasgairean a h-uile iasg a ghlacas iad a chumail.

Tilgeil

Ron sin, bhiodh iad a' tilgeil feadhainn nach robh iad ag iarraidh air ais dhan fhairge.

Tha an aithisg bho Thaigh nam Morairean ag ràdh gur dòcha gun ruig iasgairean an cuota aca tràth air sgàth na riaghailte ùire.

Cuideachd, tha an aithisg ag ràdh nach eil dòigh ann a bhith cinnteach a bheil iasgairean a' cumail ris an riaghailt.

Camarathan

Thuirt an aithisg gum bu chòir camara a bhith air gach bàta airson fianais a chlàradh.

An-dràsta, cha eil camarathan air mòran bhàtaichean.

Thuirt an aithisg cuideachd nach eil coltas ann gu bheil Breatann airson toirt air iasgairean camarathan a chur air na bàtaichean aca - mur a h-eil dùthchannan Eòrpach eile ga dhèanamh cuideachd.