Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

8 An Gearran 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Tha Theresa May ann am Baile Átha Cliath an-diugh a' feuchainn ri fuasgladh fhaighinn do cheist na Criche Èireannaich ann an còmhraidhean Bhrexit. Tha am Prìomhaire a' coinneachadh ris an Taoiseach, Leo Varadkar, agus i ag iarraidh atharrachaidh air a' Chùl-Stad a chaidh a dhealbh mar dhòigh air crìoch chruaidh a sheachnadh ann an Èirinn mura bi aonta malairt ann an dèidh Bhrexit.

Thuirt Seansalair nan Làbarach, John McDonnell, gu bheil e gu math coltach gun cuireadh a' Phàrlamaid taic ri molaidhean nan Làbarach airson aonta Bhrexit. Tha na Làbaraich a' bruidhinn air aonadh cuspainn mar phàirt de cheanglaichean nas dlùithe ris an EU, ach chan eil sin a' tighinn air plana Theresa May, a dh'fhàgadh saorsa malairt aig an Rìoghachd Aonaichte.

An t-Iasgach

Tha aithisg bho Thaigh nam Morairean ag ràdh gun dèanadh casg air tilleadh èisg mhairbh dhan chuan cron air a' ghnìomhachas. Tha na Morairean ag ràdh nach eil co-dhiù de dh'innleachd aig Riaghaltas na h-Alba no aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an casg a chur an sàs, agus tha iad ag ràdh gum bu chòir dhan Riaghaltas cothrom a ghabhail air Brexit airson camarathan faire a chur air bàtaichean-iasgaich - rud a tha dùthchannan eile an EU a' diùltadh.

Leudachadh na h-Aoise

Tha dà aithisg ùr dhan NHS ag ràdh gu bheil stad a' tighinn air leudachadh na h-aoise an Alba. Bha na h-àireamhan an bha beò nas fhaide a' sìor èirigh an dèidh an Dàrna Cogaidh. Ach tha an t-àrdachadh sin a' fàs mall a-niste a rèir an NHS, agus ann am feadhainn de na sgìrean as miosa dheth an Alba 's ann a tha an ùine beatha a' fàs nas giorra.

Port-Adhair Steòrnabhaigh

Shoirbhich le croitearan ann an Leòdhas a bh' ann an strì laghail le Puirt-Adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean mu phìos fearainn aig Port-Adhair Steòrnabhaigh. Bha HIAL am beachd an talamh a reic airson taigheadais, ach thuirt Cùirt an Fhearainn gu bheil e fhathast fo chroitearachd mar a bha croitearan Mhealaboist agus Bhràigh na h-Aoidhe a' cumail a-mach.

A&E

Tha dragh ann mun ùine a tha oifigearan poilis a' cur seachad aig ionadan tubaiste is èiginn aig ospadail na h-Alba. Tha Caidreachas nam Poileas ag ràdh gu bheil anns a' chumantas poilis a' cur seachad còig uairean de thìde gach turas aig ionadan A&E leis nach eil carbadan-eiridinn rim faotainn. Tha an Caidreachas ag ràdh gu bheil sin a' toirt droch bhuaidh air obair eile nam Poileas.

SSE

Tha a' chompanaidh chumhachd SSE a' call luchd-cleachdaidh gu ìre 's nach eil iad a' sùileachadh uimhir de phrothaid air a' bhliadhna seo. Chaill SSE, a tha stèidhichte ann am Peairt agus a th' air aon de na sia companaidhean mòra sa ghnìomhachas, 160,000 luchd-cleachdaidh air na trì mìosan mu dheireadh an-uiridh.