Cuideam mu fharaidhean a' Chorrain

Aiseag a' Chorrain
Image caption Thuirt an Comh. Bacastair, ma thèid faraidhean an aiseig an-àirde, nach urrainn dha taic a chur ri buidseat na Comhairle.

Tha cuideam ga chur air Comhairle na Gàidhealtachd gun àrdachadh a thoirt air faraidhean Aiseag a' Chorrain ann an Loch Abar am-bliadhna.

Chuir fear de chomhairlichean na sgìre litir gu ceannard buidseit an ùghdarrais ague e ag ràdh gur i seirbheis dheatamach a th' innte, agus nach gabh a' choimhearsnachd ri àrdachadh eile.

Ann an 2013, thàinig àrdachadh 20% air faraidhean Aiseag a' Chorrain.

Dh'innis an Comh. Anndra Bacastair gu bheil an t-seirbheis air leth cudromach do mhuinnitr Àird Dhobhair, na Morbhairne agus Àird nam Murchan.

Às aonais a' bhàt-aiseig, bhiodh aig daoine ri mu 40 mìle a shiubhal air rathaidean beaga, cumhang.

Dragh

Tha dragh air Mgr Bacastair gun teid na faraidhean suas còrr is 3% am-bliadhna seo cuideachd, agus oifigearan a' beachdachadh an leithid a dhèanamh.

Tha e mar sin air litir a chur a dh'ionnsaigh cheannard buidseat na Comhairle.

Dh'iarr e nach tèid na faraidhean suas.

Dh'innis e nach eil a' Chomhairle air feairt a ghabhail air beachdan muinntir an àite air an dòigh as fheàrr siostam nam faraidhean atharrachadh.

Ma thèid iad suas, thuirt e nach b' urrainn dha taic a chur ri buisdeat an ùghdarrais ionadail.