Còraichean croitearachd a' seasamh

Port-Adhair Steòrnabhaigh Image copyright Stephen Branley/Geograph

Tha Cùirt an Fhearainn air co-dhùnadh gu bheil còraichean croitearachd aig croitearan Mhealaboist agus Bhràigh na h-Aoidhe air còrr air 100 hectare de thalamh aig Port-Adhair Steòrnabhaigh.

Bha Puirt-Adhair na Gàidhealtachd agus nan Eilean Earranta (HIAL) a' sìreadh dearbhaidh nach robh còraichean croiteareachd a' buntainn ris an talamh, agus iad airson a thoirt seachad airson leasachadh taigheadais.

Bha HIAL airson an talamh a thoirt do chompanaidh togail airson còrr air 80 taigh a thogail.

Ach bha cnap-starra ann, agus croitearean Mhealaboist is Bhraigh na h-Aoidhe mionnaichte às gun robh an talamh mar phàirt den talamh ionaltraidh acasan.

Chuala Cùirt an Fhearainn san Dùbhlachd tagradh bho luchd-lagha HIAL gun deach cumhachdan èiginneach cogaidh a chleachdadh airson an talamh fhaighinn, no gun do leig na croitearean fhèin an talamh seachad aig àm an Dàrna Cogaidh nuair a chaidh an aerodrome a stèidheachadh 's iad ag ràdh gun do chuir seo às do na còraichean croitearachd.

Bha fear-lagh nan croitearan ag ràdh nach robh fianais sam bith ann gun deach cumhachdan cogaidh a chleachdadh agus gur e an aon dòigh a ghabhas talamh a thoirt a-mach à croitereachd riaghladh bho Chùirt an Fhearainn, agus nach robh dad de dh'fhianais airson seo a bharrachd.

Tha Cùirt an Fhearainn a-nis air co-dhùnadh an tagradh aig HIAL a thilgeil a-mach, agus dearbhadh gu bheil còraichean chroiterean Mhealaboist is Bhraigh na h-Aoidhe a' leantainn.

Thuirt neach-labhairt bho HIAL gu bheil an co-dhùnadh na bhriseadh-dùil dhaibh, agus gum bi iad a' sgrùdadh a' bhreithneachaidh.