Buille ùr do dh'ionad a' Chùirn Ghuirm

Rèile-beinne a' Chùirn Ghuirm Image copyright Getty Images

Dh'innis luchd-sgrùdaidh nach eil a dhà de na naoi innealan slaodaidh sgìthidh aig Ionad a' Chùirn Ghuirm sàbhailte.

Thuirt Roinn-Ghnìomha Slàinte is Sàbhailteachd gum feum an toirt a-mach à seirbheis gus an tèid piseach a thoirt orra.

Tha an t-ionad air a bhith a' fulang bo chionn beagan mhìosan agus an rèile-beinne aca dùinte air adhbharan sàbhailteachd.

Chaidh Cairngorm Mountain Eta, a' chompanaidh a bha a' ruith nan goireasan às leth Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean (HIE), an uairsin ann an rianachd.

Air a' cheann thall, ghabh HIE smachd air cùisean às ùr.

Obair

'S e buille ùr a tha san aithisg seo.

A bharrachd air na h-innealan slaodaidh, thuirt an luchd-sgrùdaidh gu bheil feum air piseach a thoirt air mar a tha goireasan an ionaid san fharsaingeachd air an cumail aig ìre.

Dh'iarr iad air HIE na gnothaichean air fad a chur ceart ron 8mh den Ghearran.

Dh'innis HIE gu bheil iad ag obair gus an ceann-là sin a choileanadh.

Thuirt iad cuideachd gu bheil na h-innealan slaodaidh eile uile ag obair is gum bi iad deiseil airson an cur an sàs nuair a thig sneachda gu leòr.

Tha dùil ri aithisg mu shuidheachadh na rèile-beinne anns na seachdainean ri thighinn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile