Fianais de dhaoine ro-eachdraidheil am Beinn nam Fadhla

Freumh. Image copyright Scape
Image caption Freumh Sheilich.

Lorg arceòlaichean nithean tearc aig coille ro-eachdraidheil ann an Lionacleit.

Far a bheil an tràigh an-diugh bha uair coille bho chionn 10,000 bliadhna; tha còrr air 20 làrach mar seo air feadh nan Eilean Siar.

Image copyright Scape
Image caption Fiadh ro-eachdraidheil air a ghlèidheadh ann am mòine.

Fhuaireadh fianais gun robh daoine a' tighinn beò ann an leithid àite far am biodhte a' gearradh feòla agus uidheaman cloiche airson biadh a dheasachadh.

Chaidh cnàimh a lorg sa robh pìos cuarts bho inneal cloiche agus brà, a bh' air a cleachdadh 'son biadh a bhleith.

Fianais de dh'obair mhic-an-duine

Bha an Dtr Joanna Hambly an sàs san obair rannsachaidh a rinn a' bhuidheann cathrannais, Scape, air an làraich an-uiridh.

Image copyright Scape
Image caption Feadhainn ag obair aig an làraich.

"Cha robh dùil againn gun lorgadh sinn stuth arceòlach air an tràigh.

"Bha balla ann, na tha air fhàgail de thogalaichean cruinn a dh'fhaodadh a bhith nan taighean, brà agus cnàmhan bheathaichean a chaidh a bhualadh le innleanan cuarts.

"Tha seo air leth tearc - gu bheil fianais ann de dh'obair dhaoine bho ro-eachdraidh air a glèidheadh sa mhòine," thuirt an Dtr Hambly.

Coille aosmhor

Image copyright Scape
Image caption Brà a fhuaireadh aig an làraich.

Tha na craobhan ann an Lionacleit na tha air fhàgail de choille a bha uair air feadh nan Eilean Siar, agus chan eil iad buileach air a dhol nam fosailean.

A' fàs ann bhiodh measgachadh de bheithe, caltainn, seileach, caorann, darach, giuthas, ailm agus feàrna.

Bho chionn mu 6,000 gu 4,500 bliadhna thòisich a' choille a' crìonadh gus an robh na h-eileanan "an ìre mhath as aonais chraobhan", thuirt Scape.

Image copyright Scape
Image caption Eisimpleir eile de fhiodha a chaidh a ghlèidheadh.

Eu-coltach ri ceàrnaidhean eile de dh'Alba, cha do dh'fhàs na craobhan a-rithist sna h-eileanan air sgàth agus nach robh an àireannachd agus an aimsir freagarrach dhaibh.

Rinneadh rannsachadh air còrr agus 300 craobh.

Crìonadh a' chladaich

Tha dòchas ann gun gabh barrachd obrach dèanamh air an làraich, thuirt an Dtr Hambly.

Image copyright Scape
Image caption Na tha air fhàgail de bhalla.

"Bidh a'choimhearsnachd air fad an sàs ann agus bidh sinn ag iarraidh orra sùil gheur a chumail air an làraich leis gu bheil làn dùil againn gun nochd rudan arceòlach eile fhathast air an oirthir seo," thuirt an Dtr Hambly.

Tha an làrach ann an Lionacleit, cleas feadhainn eile sna h-Eileanan an iar, ann an cunnart bho chrìonadh a' chladaich.