Dòchas mu phlana Shìldeig

Beinn Sìldeig Image copyright Steve Carter

Tha e coltach gu bheil dòchas am measg mhuinntir Shìldeig air Taobh Siar Rois mu phlanaichean airson a' bheinn os cionn a' bhaile a cheannach.

Tha Beinn Sìldeig, a tha ann an làmhan uachdarain phrìobhaidich, an-dràsta air a' mhargaidh.

A rèir na buidhne a tha ga reic dhaibh, 's e a tha seo ach "manageable west coast sporting estate offering exciting sport amidst one of Scotland's areas of true wilderness".

Chan e sin buileach a tha san amharc aig Urras nan Coilltean, a tha air cur rompha £1.6m a thogail gus a' bheinn a cheannach.

Ath-nuadhachadh

Thuirt a' bhuidheann ghlèidhteachais gur e àrainneachd phrìseil a tha sa bheinn, anns a bheil 4,000 acair de dh'fhearann.

Dh'innis iad gu bheil dà choille shònraichte ann, tè dhiubh de ghiuthas agus an tè eile de bheithe.

Tha Urras nan Coilltean ag ràdh gu bheil na coiltean ann an staid an ìre mhath is nach eil craobhan is lusan nach eil dùthchasach don àite idir ann.

Tha iad den bheachd gun urrainn dhaibh ath-nuadhachadh a thoirt air na coilltean gu luath cuideachd.

Bhiodh buannachdan mòra ann dha fiadh-bheatha, tha iad ag ràdh, agus gu dearbha dha beatha feadhainn nach eil cho fiadhaich is obraichean ùra cuideachd an cois nam planaichean.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Agallamh le Dòmhnall Dòmhnallach

Thuirt an t-Urras gum biodh iad an dùil manaidsear làraich is manaidsear pròiseict fhastadh.

Dh'innis iad gum biodh iad airson daoine a bhrosnachadh a bhith a' coiseachd air a' bheinn is gur e cothrom a bhiodh ann luchd-turais is eile a thàladh.

"Fhad 's as aithne dhomhsa tha muinntir a' bhaile seo gu math toilichte gu bheil neacheigin a' dol a choimhead às dèidh na beinne mar bu chòir", thuirt Dòmhnall Dòmhnallach, a bhuineas dhan sgìre.

Cothrom

"Cha creid mi gun robh mòran air a dhèanamh bho chionn fada, fada airson coimhead às a dèidh.

"'S e rud math a bhios ann tha mi cinnteach", thuirt e.

Thuirt Urras nan Coilltean gur ann glè ainneamh a bhiodh cothrom aca beinn a cheannach is gu bheil iad air bhioran mun phròiseict.

Thuirt iad gum bi iad a-nise a' gluasad air adhart feuch an t-airgead a tha a dhìth orra a thogail.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile