"Cha tachair e a-rithist" - Fearghasdan

County troimhe-chèile. Image copyright SNS
Image caption Bha là doirbh aig County ann an Dùn Phris.

Thuirt co-mhanaidsear Ross County, Steafan Fearghasdan, nach robh an sgioba idir math gu leòr air an deireadh-sheachdain is gum feum iad dèanamh cinnteach nach tachair e a-rithist.

Bha fìor dhroch là aig County ann an Dùn Phris is iad a' call 4-0 ri Queen of the South.

Chuir Steafan Dobbie is Mìchael Doyle QoS 2-0 air thoiseach aig lethach slighe.

Thàinig fear eile bho Barry Maguire is chuir Dobbie crìoch air cùisean às dèidh mar a chaidh Josh Mullin aig County a chur far na pàirce.

Deuchainn

"Briseadh-dùil mòr is chan eil leisgeul ann", thuirt Fearghasdan.

"Cha robh sinn faisg air math gu leòr.

"Feumaidh sinn dèanamh cinnteach nach tachair e a-rithist oir tha sinn uile ag aontachadh nach robh sinn math gu leòr a thaobh na sgioba air fad.

"Uaireanan tha thu ag ionnsachadh barrachd le a bhith a' call is 's e deuchainn a th' ann a-nise, ciamar a gheibh sinn seachad air seo", thuirt e.

Image copyright SNS
Image caption Jordan White leis an tadhal a rinn a' chùis airson Inbhir Nis.

A dh'aindeoin na thachair ann an Dùn Phris, tha County fhathast aig mullach an Championship is na nàbaidhean aca ann an Inbhir Nis air fàbhar a dhèanamh dhaibh Disathairne.

Rinn Caley Thistle a' chùis 1-0 air Ayr United, a' fàgail sgioba Iain MhicColla fhathast trì puingean air cùl Chounty.

'S e Jordan White a chuir an tadhal dha ICT, gan gluasad suas dhan chòigeamh àite san lìog.

Spiorad

Rinn manaidsear ICT, Iain Robasdan, moladh mòr air an sgioba às dèidh làimh is e ag innse gun robh feadhainn air cluich ged nach robh iad gu tur fut.

Thuirt e gu bheil sin na chomharra air spiorad na sgioba, is dh'innis e gu bheil e fhathast ag obair gus feadhainn ùra a thoirt a-steach gus an sguad a neartachadh.

Bidh aire nan sgiobaidhean a-nise a' tionndadh gu Cupa na h-Alba Disathairne seo tighinn.

Bidh ICT aig an taigh an aghaidh Chille Bhrìghde an Ear is Ross County a' falbh an aghaidh Tobar na Màthar.