Seann cholaiste Inbhir Nis ga leagail

Former Inverness College building Image copyright Google Maps
Image caption Tha seann cholaiste Inbhir Nis air Sràid an Longman sa bhaile.

Tòisichidh obair Diluain gus seann togalach Colaiste Inbhir Nis ann an sgìre an Longman a leagail.

Chaidh an togalach fhosgladh anns na 1950an, ach ghluais a' cholaiste gu làrach ùr bho chionn ceithir bliadhna.

Bidh a' chompanaidh Central Demolition, a tha stèidhichte ann an Drochaid Bhuinne, ag obair air làrach na colaiste gu meadhan an Iuchair.

Chaidh pìos den làraich a reic roimhe gus ionad ceartais ùr Inbhir Nis a thogail.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Agallamh le Aonghas MacLeòid a bha iomadach bliadhna ag obair aig Colaiste Inbhir Nis.

Thèid an còrr a chur air a' mhargaidh.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gum faodar an talamh a chleachdadh airson leasachaidhean de gach seòrsa.

Dh' fhaodadh an làrach a bhith air a cleachdadh airson bùithtean, gnìomhachas, neo goireasan cur-seachad am measg eile.

Tha Colaiste Inbhir Nis mar phàirt do dh' Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean.