Dràibhear bus air bàsachadh ann an tubaist-rathaid

Tubaist rathaid Image copyright PETER JOLLY
Image caption Bhàsaich an dràibhear agus chaidh triùir den na bh' air bòrd a' bhus a ghoirteachadh

Tha Poileas Alba a' sireadh fiosrachaidh mu thubaist-rathaid faisg air Bun Lòchaidh, tuath air Inbhir Nis, anns an deach dràibhear bus a mharbhadh.

Bhuail am bus ann an drochaid air a' Bh9161, mu 17:45f Dihaoine.

Cha robh ach an aon charbad an lùib na tubaiste.

Bha naoinear air bòrd a' bhus, agus chaidh triùir dhiubh sin a thoirt dhan ospadal ann an Inbhir Nis.

Tagradh airson fiosrachaidh

Tha na Poilis ag iarraidh air duine sam bith a chunnaic am bus ron tubaist, ris nach do bhruidhinn iad fhathast, a dhol thuca.

Tha iad cuideachd airson cluinntinn bho dhuine sam bith aig a bheil dealbhan dashcam.