Mull Ferry
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Dragh mu aiseagan ann am Muile

11 Am Faoilleach 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha dragh ann am Muile nach teid an t-aiseag an Hebrides a chur air an t-slighe eadar an t-Òban agus Creag an Iubhair.

Tha comhairle coimhearsnachd na sgìre an amharas nach bidh cidhe Chreig an Iubhair deiseil airson an Hebrides a ghabhail nuair a gheibh Cal Mac na bàtaichean ùr aca an ath-bhliadhna.

Tha mì-thoileachas ann cuideachd mu phlanaichean airson an caladh a leasachadh, 's faireachdainn ann gu bheil iad ro mhòr dhan a' bhaile.

Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.