Càin air daoine nach nochd airson aiseig

Aiseag le CalMac Image copyright Calmac
Image caption Bidh e fhathast ceadaichte do dhaoine an turas aca atharrachadh, ach thèid càin a chur orra mura nochd iad idir

Cosgaidh e £10 do luchd-siubhail ChalMac bho seo a-mach mura nochd iad airson seòladh air an robh iad air àite a chur air dòigh.

Cha toir seo buaidh ach a-mhàin air daoine le carbadan.

Bha cead aig a' chompanaidh seo a dhèanamh co-dhiù ach thèid a-nis a chur an gnìomh.

Tha iad ag ràdh gum faod daoine fhathast an turas aca atharrachadh suas chun a' mhionaid mu dheireadh, ach gun tèid £10 a thoirt far na càirt leis an do phàigh iad airson an turais mura dèan iad sin.

Bidh faochadh ann ge-tà, ann an cuid de shuidheachaidhean, leithid ma tha tubaist-rathaid aig duine, neo trioblaid leis a' chàr aca.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile