Crìoch air càball-mara

Càball dealain
Image caption Tha an càball 100 mìle de dh'fhaid

Chaidh crìoch a chur air càball-mara airson cumhachd a ghiùlan, a chosg £1bn, eadar Moireibh agus Gallaibh.

Leigidh an càball, anns a bheil 100 mìle de dh'fhaid, le cumhachd ath-nuadhachail a thèid a chruthachadh ann am fìor cheann a tuath na h-Alba a bhith air a chur gu feum ann am meadhan na h-Alba.

Gabhadh e cumhachd gu leòr 'son dealan a chumail ri 3m dachaigh.

Tha a' chompanaidh chumhachd SSE ag ràdh gun cùm an càball taic ri leasachaidhean chumhachd ath-nuadhachail ann an ceann a tuath na h-Alba 'son bliadhnaichean mòra ri thighinn.