Cùmhnant airson obair Bhràigh Bhearghdail

Dealbh den rathad Image copyright Còmhdhail Alba
Image caption Tha an A9 aig Bràigh Bhearghadail cas agus lùbach.

Dh'ainmich Còmhdhail Alba gur e a' chompanaidh-togail R J MacLeod a fhuair an cùmhnant airson Bràigh Bhearghdail ann an Gallaibh a leasachadh.

Tha iomadh gearan air a bhith ann thar nam bliadhnaichean mu cho cas agus lùbach 's a tha an earrann sin den A9, agus mu na th' ann de thubaistean.

Tha dùil gun tòisich an obair, a chosgas £9.6m am-bliadhna, 's gum bi i deiseil as t-Earrach an ath-bhliadhna.

Tuilleadh air an sgeulachd seo