Comhairle mu bhochdainn connaidh

Teasadair Image copyright Getty Images
Image caption Tha dùil gu bheil mòran dhaoine anns na h-Eileanan a' fuireach ann an taighean nach urrainn dhaibh a theasachadh ceart.

Fhuair an t-seirbheis chomhairleachaidh chumhachd aig Tighean Innse Gall còrr air £200,000 airson fiosrachadh a thoirt do dhaoine air feadh nan Eilean Siar mu dhòighean anns am faod iad cosgaisean teasachaidh dachaigh a ghearradh.

Bidh fiosrachadh ri fhaighinn mu ghrunn rudan - bho bhulbaichean solais gu còmhdach blathachaidh nas fheàrr.

Thuirt Fionnlagh MacIllinnein bhon bhuidhinn gu bheil cruaidh-fheum aig daoine anns na h-Eileanan air comhairle den leithid.

"Anns an sgìre againn fhìn tha iad gu math feumach air a' chuideachadh seo - tha rannsachadh a' sealltainn gu bheil 53% de dhaoine a' fuireach ann am bochdainn connaidh".

Cosgaisean teasachaidh

Thuirt e gu bheil tòrr dhaoine a' fuireach ann an taighean nach urrainn dhaibh a theasachadh gu ìre chofhurtail - agus gu bheil buaidh aige sin air an cuid slàinte.

Tha iad an dòchas an t-seirbheis a thoirt dhan a h-uile baile anns na h-Eileanan, 's iad gu bhith a' siubhal ann an carbad dealain.

"Tha sinn a' dol bho Bhatarsaigh gu Nis ann an Leòdhas agus bidh sinn a' feuchainn ri coinneachadh ri daoine anns na coimhearsnachdan fhèin".

A thuilleadh air tachartasan a chur air dòigh, bidh iad cuideachd a' tadhal air daoine nan dachannan fhèin.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile