Aithris gun deach portairean a ghoirteachadh le sgudal clionaigeach

Ospadal an Ràthaig Mhòir
Image caption Thuirt NHS na Gàidhealtachd gun deach measadh a dhèanamh air an obair.

Tha aonadh an GMB a' cumail a-mach gun deach ceathrar phortairean ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis a ghoirteachadh fhad 's a bha iad a' làimhseachadh sgudail chlionaigich.

Chuir an t-aonadh gearan gu NHS na Gàidhealtachd, agus tha iad air comhairleachadh dha na buill aca gun an sgudal a làimhseachadh bho Dhihaoine.

Thuirt iad gun robh an obair a' cùr slàinte, sàbhailteachd agus maith luchd-obrach an ospadail "ann am barrachd chunnairt".

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gur e sàbhailteachd an luchd-obrach an rud as cudromaiche dhaibh.

Sgudal clionaigeach

Tha barrachd gnothaich air a bhith aig portairean ri sgudail clionaigeach bho chaidh a' chompanaidh a bha a' dèiligeadh ris, Healthcare Environmental Services, fodha.

Thuirt am Bòrd-Slàinte gun deach measadh a dhèananh air an an obair, agus gu bheil uidheamachd dìon ga toirt dhan luchd-obrach far a bheil sin a dhìth.

Thuirt i gu bheil rannsachadh ga dhèanamh air aithrisean gun deach luchd-obrach a ghoirteachadh agus gun coinnich iad ris an aonadh an ath-sheachdain 'son bruidhinn mu na draghan a th' orra.

Thuirt iad gun robh na portairean a' làimhseachadh an sgudail "mar as àbhaist" Dihaoine.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile