Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

11 Am Faoilleach 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Creideas Coitcheann

Chuir an Riaghaltas às do phlanaichean airson an Creideas Coitcheann a chuingealachadh do chuid de phàrantan aig am bi barrachd air dithis chloinne. Thuirt Rùnaire na h-Obrach agus nam Peinnsean, Amber Rudd, gun cuidich seo na mìltean theaghlaichean. Dh'aidich i gun robh feadhainn de na poileasaidhean a bh' ann roimhe nach robh iad èifeachdach no carthannach.

Anndra Moireach

Tha Andaidh Moireach air innse gun sguir e a chluiche tennis am-bliadhna. Bu chaomh leis cumail air gu às dèidh Wimbledon, ach bha e ag ràdh gur dòcha gun tig air stad às dèidh Farpais Fhosgailte Astràilia, a thòisicheas Diluain seo tighinn. Thuirt e ri luchd-naidheachd gun robh e a' fulang gu mòr le a chruachan, ged a chaidh e fo obair-lannsa an-uiridh. Bhuannaich Moireach, am measg eile, Wimbledon dà thuras, agus Farpais Fhosgailte nan Stàitean Aonaichte.

An Eaconomaidh

Thàinig fàs de 0.2% air eaconomaidh na Rìoghachd Aonaichte anns an t-Samhain, an taca ris an Damhair. Thuirt Oifis na Staitistig Nàiseanta gun do sheall an àireamh airson nan trì mìosan chun na Samhna gun robh an Làn-Thoradh Dùthchail suas 0.3% an coimeas ris a' chairteal ron sin.

Gearraidhean Foghlaim

Cha tèid dìon a chur air seirbheisean foghlaim air a' Ghàidhealtachd ann an gearraidhean na Comhairle bhon seo a-mach. Bha Comhairle na Gàidhealtachd a' seachnadh ghearraidhean ann an roinn an fhoghlaim thairis air na beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad, ach thuirt iad nach tachair sin a-nis, is aca ri còrr air £31m a chùmhnadh. Tha Ceannard a' Bhuidseit, Alasdair MacFhionghain, ag ràdh gum feum atharrachadh mòr a thighinn air an dòigh 's a tha foghlam ga thoirt seachad.

Bràighean Bhearghadail

Dh'innis Còmhdhail na h-Alba gur e RJ MacLeòid Eta a fhuair an cùmhnant airson Bràighean Bheaghadail ann an Gallaibh a leasachadh. Thèid £9.6m a chosg air a' phròiseact. Tha daoine air a bhith a' gearain airson bhliadhnaichean mu cho cas agus cho lùbach agus a tha am pìos seo den A9.

Teine

Tha triùir anns an ospadal às dèidh mar a bha teine ann an tenement an Glaschu tràth anns a' mhadainn an-diugh. Thuirt luchd-smàlaidh gun deach dusan duine a thoirt a-mach às an togalach ann am Baile a' Ghobhainn.

Dùn Èideann

Bhàsaich fireannach, 89 bliadhna de dh'aois, às dèidh dha a bhith air a leagail a' dol tarsainn an rathaid ann an Dùn Èideann. Thachair e mu 5:00f an-dè. Chaidh a thoirt dhan ospadal ach cha ghabhadh a shàbhaladh.