Leasachadh air seirbheis mhàthaireil

Ospadal an Dr Gray Image copyright Ann Harrison/Geograph

Chuir NHS Roinn a' Mhonaidh tuilleadh atharrachaidhean an sàs aig Ospadal an Dr Gray ann an Eilginn a thathas an dòchas a leigeas le cuid de bhoireannaich leanabh a bhith aca ann, seach a bhith gan cur a dh'Inbhir Nis no a dh'Obar Dheathain.

Dh'fhàg gainnead dhotairean cloinne, agus mar a bha na bu lugha de dhotairean trèanaidh deònach a bhith stèichichte ann an Eilginn, nach robh air fhàgail aig Ospadal an Dr Gray ach ionad beanas-glùine bhon Lùnastal an-uiridh.

Nochd na h-uimhir de bhoireannaich a bha an dùil ri leanabh, agus a bha gam meas nan "cùisean cunnartach", air draghan a nochdadh bhon uair sin, gun tàinig orra gluasad a dh'Obar Dheathain no a dh'Inbhir Nis airson leanabh a bhith aca.

Thuirt NHS Roinn a' Mhonaidh gum bi a-niste dotairean màthaireil, a thuilleadh air mnathan-glùiine, an làthair gus comhairle a thabhann, taic a thoirt seachad, agus measadh a dhèanamh air euslaintich far a bheil sin a dhìth, suas gu 10:00f gach là.

Thuirt iad gu bheil seo na phàirt de phlana-ghnìomha a tha ag amas air seirbheis sheasmhach do bhoireannaich is chloinn a thoirt seachad aig Ospadal an Dr Gray.