Foghlam fo phrosbaig nan gearraidhean

Comhairle na Gàidhealtachd

Cha tèid dìon a chur air seirbheisean foghlaim na Gàidhealtachd ann an gearraidhean an ùghdarrais ionadail bho seo a-mach.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air sàbhalaidhean ann an roinn an fhoghlaim a sheachnadh thairis air na beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad.

Ach thuirt Ceannard a' Bhuidseit, Alasdair MacFhionghain, nach gabh sin dèanamh a-niste agus aca ri còrr air £30m a chùmhnadh.

"Bha sinne a' coimhead air buidseat airson (gearradh) 1%," thuirt e.

"Ach nuair a fhuair sinn na figearan o Riaghaltas na h-Alba, 's e 2.4%.

"'S e rud mòr a th' ann an sin, agus às dèidh sin feumaidh sinn a bhith a' coimhead air dòighean eile airson sàbhalaidh," thuirt e.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gum bi, fon dreach-bhuidseat a th' ann, barrachd airgid ga thoirt do dh'ùghdarrasan ionadail.

Thuige seo, chaidh aig Comhairle na Gàidhealtachd air dìon a chur air seirbheisean foghlaim, a dh'aindeoin nan gearraidhean a thàinig orra a dhèanamh ann an àiteachan eile.

"Cha sheas sin an trup seo. Feumaidh sinn coimhead air foghlam cuideachd.

"Tha mise an dòchas agus tha mi den bheachd, nuair a choimheadas sinn air foghlam, gum bi e tòrr nas fheàrr, agus bidh adhartas ann aig a' cheann thall.

"An-dràsta, chan eil a' Chomhairle a' dèanamh uabhasach math air roinn an fhoghlaim.

"Agus tha mise den bheachd nuair a choimheadas sinn air foghlam, agus na dòighean-obrach a th' againn, gum bi adhartas mòr ann," thuirt e.