Cùram èiginneach an Ospadal Phort Rìgh

Ospadal Phort Rìgh Image copyright Google
Image caption Bha dragh mòr anns a' choimhearsnachd gun robh seirbheisean slàinte gan gearradh.

Bidh cùram èiginneach ri fhaotainn fad 24 uairean aig Ospadal Phort Rìgh bhon Chèitean am-bliadhna - a rèir na buidhne a chaidh a stèidheachadh mar fhreagairt air na draghan a bh' air cuid gun robhas a' call sheirbheisean a-mach às na h-uairean àbhaisteach.

Chuala coinneamh sa bhaile an t-seachdain seo, gum bi sianar luchd-obrach a bharrachd aig Seirbheis Eiridinn na h-Alba stèidhichte ann am Port Rìgh.

Tha NHS na Gàidhealtachd agus NHS 24 ag obair còmhla air sgeama - nach deach a dhèanamh riamh roimhe - fom bi àrd-nursaichean ag obair dhan dà bhuidhinn eadar Port Rìgh agus An t-Ath Leathann.

Coinnichidh a' bhuidheann a-rithist an ath-mhìos 's iad gu bhith a' coimhead ri leapanan coimhearsnachd aig Ospadal Phort Rìgh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile