Còrr air 30 dràibhear fo bhuaidh na dibhe no dhrogaichean

Poileas Alba
Image caption Chaidh 32 duine a glacadh anns an iomairt a mhair mìos.

Chaidh còrr air 30 dràibhear a ghlacadh ann an sgìre na Gàidhealtachd 's nan Eilean thairis air an Nollaig 's a' Bhliadhn' Ùir 's iad a' dràibheadh fo bhuaidh na dibhe neo dhrogaichean.

Chaidh còrr air 3,000 carbad a stad leis na Poilis anns an iomairt shònraichte a mhair mìos.

Bha dithis de na chaidh a ghlacadh fo bhuaidh dhrogaichean, 's 30 eile fo bhuaidh na dibhe.

Bha sin sìos beagan air an-uiridh nuair a chaidh 37 duine a ghlacadh.

Thuirt an Insp. Niall Lumsden bho Phoileas Alba gu bheil e misneachail gun deach nas lugha dhaoine a ghlacadh leotha, ach gu bheil iad mothachail gu bheil obair mhòr ri dhèanamh fhathast.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile