"Aoidion gas" ann am bun-sgoil an Inbhir Nis

Bun-sgoil na Marc-Innse Image copyright Google
Image caption Chaidh mu 500 duine a ghluasad a-mach às an sgoil.

Chaidh mu 500 duine a ghluasad a-mach à Bun-sgoil na Marc-Innse ann an Inbhir Nis Diardaoin 's dragh ann gun robh gas ag aoidion.

Chaidh fios a chur air an t-seirbheis smàlaidh beagan ro 11:00m.

Chuir iad dà chriutha chun na sgoile, agus chaidh fios a chur air Scottish Gas.

Chaidh daoine cuideachd a ghluasad a-mach à taighean faisg air làimh.

Dhearbh Scottish Gas nach robh aoidion gas air a bhith ann.