Seann togalach Cholaiste Inbhir Nis ga leagail
- Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Google Maps
Tha an togalach air a bhith falamh bho 2015.
Thèid tòiseachadh air seann togalach Cholaiste Inbhir Nis ann an sgìre an Longman den bhaile a leagail an ath-sheachdain.
Chaidh a thogail aig deireadh nan 1950an, agus tha an togalach air a bhith falamh bho ghluais Colaiste UHI Inbhir Nis gu làraich ùir air iomall a' bhaile ann an 2015.
Tha dùil gum bi an làrach, anns a bheil ceithir gu leth acaire, air a sgioblachadh ro mheadhan an Iuchair.
Chaidh pàirt den làraich a reic ri Seirbheis Chùirtean agus Thribunalan na h-Alba airson Ionad Ceartais ùr a' bhaile.
Thèid an còrr den làraich a reic.