Coinneamh mu Phàirc a' Bhucht

Pàirc a' Bhucht
Image caption Mhol Comann na Camanachd roimhe pàirce-phlastaig a chur sìos

Coinnichidh feadhainn a bhios a' cleachdadh Pàirc a' Bhucht ann an Inbhir Nis Diardaoin 'son deasbad mar a ghabhas leasachadh a dhèanamh oirre.

'S e Comann na Camanachd a th' air a' choinneamh a chur air dòigh is Cluba Iomain Inbhir Nis cuideachd a' meòrachadh air am bu chòir dhan choimhearsnachd feuchainn ri smachd a ghabhail air a' phàirc.

Tha cuid air draghan a thogail roimhe mu staid na pàirce a tha ga ruith le High Life Highland às leth Chomhairle na Gàidhealtachd.

Leig Comann na Camanachd fhaicinn roimhe gum bu mhath leotha-san pàirce-phlastaig a stèidheachadh sa phàirc - a ghabhadh cur gu feum 'son iomadach spòrs - ach chan eil e follaiseach cò às a thigeadh an t-airgead air a son.

Mhol Cluba Iomain Inbhir Nis gur e buidheann coimhearsnachd a ghabhadh smachd air a' phàirc - ach chan eil e soilleir ciamar a dh'obraicheadh sin, air neo am biodh taic ann air a shon.