Sgrùdadh mu chàraichean dealain

Càr dealain Image copyright Reuters
Image caption Tha barrachd àiteachan ann a-nis far an gabh cumhachd a chur ann an càraichean dealain

Tha a' bhuidheann Cumhachd Coimhearsnachd na h-Alba a' sireadh bheachdan bho mhuinntir nan eilean mu chàraichean dealain.

Thuirt Kathleen Dhòmhnallach bhon bhuidhinn gu bheil leasachaidhean air a bhith ann mar-thà, leithid iasadan do dhaoine a lùigeadh càr dealain a cheannach agus barrachd àiteachan far an gabh cumhachd a chur annta, a tha ga dhèanamh nas fhasa do dhaoine carbad dealain a ruith.

Tha ceist air cuid ge-tà, mu mar a dh'obraicheas càraichean dealain ann an sgìrean iomallach.

"Gheibh an càr air a dhol 100 mìle - a' chuid as motha dhiubh co-dhiù - agus leis an sin, daoine a tha a' dol a dh'obair agus air ais bidh sin ceart gu leòr - ach 's e ma tha thu a' dol 's dòcha nas fhaide - ma tha thu a' fuireach ann an Steòrnabhagh mar eisimpeir, 's ag iarraidh a dhol a Ghlaschu, tha ceistean ann mu ciamar a nì thu sin.

Tha fiosrachadh ri fhaighinn air-loidhne, thuirt i, mu àiteachan far an gabh cumhachd a chur annta.

Thathas cuideachd a' feuchainn ri dèanamh a-mach an gabh bataraidhean nan carbadan a chleachdadh airson cumhachd ath-nuadhachail a stòradh.