Beàrn mhòr ann am buidseat Comhairle na Gàidhealtachd

Airgead Image copyright Getty Images
Image caption Dh'fhaodadh gun atharraich suidheachadh ionmhais na Comhairle a-rithist ro dheireadh a' Mhàirt

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gum bi beàrn de £31m anns a' bhuidseat aca eadar 2019 agus 2020.

Bha iad air innse air a' mhìos a dh'fhalbh gum feumadh iad £10m a bharrachd na bha iad a' sùileachadh a chùmhnadh, 's iad a' faighinn nas lugha na bha dùil bho Riaghaltas na h-Alba.

Ach, às dèidh dhaibh sgrùdadh a dhèanamh air an fhiosrachadh a fhuair iad bhon Riaghaltas, tha iad a-nis a' dèanamh dheth gum bi iad £31m gann eadar 2019 's 2020.

Thuirt Ceannard Buidseit na Comhairle, An Comh. Alasdair MacFhionghain, gur e suidheachadh gu math duilich a th' ann.

Feumaidh iad obair mhòr a dhèanamh, thuirt e, agus tòrr atharrachaidhean a chur an gnìomh mus tèid aca air a' bheàrn sin a lìonadh.

Tha cothrom ann fhathast ge-tà, gun atharraich an suidheachadh ionmhais a-rithist ro dheireadh a' Mhàirt leis nach deach gabhail fhathast ri buidseat an Riaghaltais Albannaich.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile