Fianais ga gabhail mun iasgach às dèidh Bhrexit

Giollachd èisg
Image caption Tha dragh ann gum faodadh luchd-giollachd èisg a bhith gann às dèidh do Bhreatainn tarraing a-mach às an EU

Tha buill de Chomataidh nan Cùisean Albannach a' gabhail fianais mun bhuaidh a bheir poileasaidh ùr iasgaich air Alba às dèidh Bhrexit.

Cluinnidh a' chomataidh bho riochdairean iasgairean, luchd-giollachd mhaoraich, luchd-iomairt na h-àrainneachd agus ministearan iasgaich na h-Alba agus na Rìoghachd Aonaichte.

Thuirt Ceannard Chaidreachas Iasgairean na h-Alba, Bertie Armstrong, gu bheil a bhith a' tarraing a-mach às an EU a' cruthachadh chothroman mòra do dh'Alba.

Tha dragh air gnìomhachas giollachd a' mhaoraich ge-tà, mu bhith a' fastadh na bhios a dhìth orra de luchd-obrach às dèidh Bhrexit.