Uisge na h-Alba "air leasanan ionnsachadh"

Soidhne
Image caption Nochd connspaid mhòr mu na mhol Uisge na h-Alba roimhe

Tha Uisge na h-Alba ag ràdh gun do dh'obraich iad leis a' choimhearsnachd airson plana ùr a dhealbh airson òtrachas a ghiollachd ann an Geàrrloch, às dèidh mar a chuir muinntir an àite an aghaidh na mhol iad roimhe.

Bha iad air moladh gun deadh an t-òtrachas a ghiollachd le solas UV fad chòig mìosan den bhliadhna a-mhàin - sin eadar meadhan a' Chèitein agus meadhan na Sultaine - nuair a bhiodh daoine na bu dhualtaich a bhith a' snàmh anns a' mhuir.

Taobh a-muigh na h-ùine sin, dheadh an t-òtrachas a stòradh ann an tancaichean, mus deadh a leigeil ma sgaoil anns a' bhàgh.

Bha dragh air muinntir an àite ge-tà, gur e ceum air ais a bha seo agus gun dèanadh e call air gnìomhachas turasachd na sgìre.

Tharraing Uisge na h-Alba am plana sin an-uiridh às dèidh iomairt phoblaich.

Plana ùr

A-nis tha iad air tagradh ùr a chur a-steach fon deadh an t-òtrachas a ghiollachd le solas UV fad dà bhliadhna, ach a-mhàin airson ùine an dàrna bliadhna nuair a bha sin air aontachadh.

Thuirt Ailean MacThòmais bho Uisge na h-Alba gu bheil iad air conaltradh a dhèanamh le muinntir an àite agus nach eil càil anns a' phlana ùr aca ris nach biodh dùil aca.

Tha iad mothachail, thuirt e, gur e àite a th' ann a tha a' tarraing tòrr luchd-turais agus dh'iarradh iad earrann mhath den obair togail a dhèanamh taobh a-muigh seusan na turasachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile