Maoineachadh às dèidh Bhrexit

Maoineachadh Eòrpach Image copyright Thinkstock
Image caption Tha comhairlean na Gàidhealtachd 's nan Eilean a' sireadh soilleireachaidh mun stòras ùr a thig an àite airgid Eòrpaich

Thig na comhairlean anns na h-Eileanan Siar, air a' Ghàidhealtachd agus an Arcaibh 's Sealtainn còmhla 'son feuchainn ri dèanamh cinnteach gun tèid siostaman ùra maoineachaidh a dhealbh a bheir aithne cheart do sgìrean iomallach às dèidh Bhrexit - mar a bha a' tachairt le airgead Eòrpach.

Tha an ceann a tuath air buannachd mhòr fhaighinn à airgead Eòrpach thar nan 30 bliadhna a dh'fhalbh - le cabhsairean 's drochaidean ùra am measg na fhuair maoineachadh às.

Thig na sruthan maoineachaidh sin uile gu ceann an ath-bhliadhna.

Stòras ùr

Às dèidh buil an referendum far an deach bhòtadh airson an EU fhàgail gheall Riaghaltas Westminster gun cumadh iad orra le siostam maoineachaidh den aon sheòrsa, ged nach do dh'innis iad dè na bhiodh ann de dh'airgead.

Bidh an stòras sin ri fhaighinn do Bhreatainn air fad ge-tà, 's e gu bhith ag amas air ana-cheartas a rèiteachadh agus ro-innleachd gnìomhachais a bhrosnachadh.

Chan eil e dearbhte dè an cuibhreann dheth a gheibh a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan.

Coinnichidh na comhairlean aig toiseach na h-ath-mhìos 's iad gu bhith a' sireadh soilleireachaidh mu na bhios ann de dh'airgead agus mar a thèid a roinn.

Thuirt neach-labhairt an Riaghaltais gu bheil iad mothachail air cho cudromach 's a tha e, soilleireachadh a thoirt do choimhearsnachdan mun stòras mhaoineachaidh ùr aca, a thig gu bith nuair a dh'fhàgas Breatainn an t-Aonadh Eòrpach.

Thuirt e gun deach tachartasan conaltraidh a chumail air feadh na rìoghachd agus gu bheil iad an dùil gun tòisich co-chomhairle air na molaidhean a dh'aithghearr.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile