CCTV "riatanach" an taighean-spadaidh

Feòil ga crochadh an taigh-spadaidh Image copyright PA

Feumaidh taighean-spadaidh camarathan CCTV a chur an sàs anns a h-uile àite far am bi beathaichean beò gan cumail, fo laghan ùra a tha san amharc aig Riaghaltas na h-Alba.

Gheall Riaghaltas na h-Alba gun toir iad an lagh ùr a-steach nas fhaide den bhliadhna, agus iad ag amas air dèanamh cinnteach gun tèid beathaichean a làimhseachadh ann an taighean-spadaidh na dùthcha ann an dòigh iochdmhoir.

Thàinig na molaidhean an dèidh do mhòr-chuid de dhaoine a ghabh pàirt ann an co-chomhairle taic a chur riutha.

Tha buidhnean chòirichean bheathaichean ag ràdh gu bheil an-iochmhorachd cumanta ann an taighean-spadaidh, agus gun dèanadh camarathan CCTV neo-eimeileach cinnteach gun deadh smachd a chur air.

Thuirt Ministear nan Cùisean Dùthchail, Màiri Gougeon, gun robh còrr air 80% de thaighean-spadaidh na h-Alba air camarathan a chur a-steach mar thà le an toil fhèin.

Inbhean àrda

Ach thuirt i nach ionnan na camarathan anns a h-uile taigh-spadaidh dhiubh sin, agus gu bheil riaghailtean ùra a dhìth airson piseach a thoirt air na h-inbhean àrda a tha gan leantainn mar thà le roinn an stuic ann an Alba.

Chuir Comann Albannach an Luchd-Reic Feòla fàilte air an naidheachd, ach thuirt iad gu bheil còrr air 95% de bheathaichean a tha gan spadadh an Alba a' dol tro thaighean-spadaidh a tha a' cleachdadh CCTV mar-thà.

Thuirt iad cuideachd gun robh an gnìomhachas "fosgailte agus tro-fhaicsinneach" san dòigh anns am bi iad a' dèiligeadh ri ùghdarrasan bheataireachd, 's gu bheil iad a' leantainn riaghailtean teann a thaobh maith bheathaichean, gan dearbhadh le Buidhinn Inbhe a' Bhìdhe.

Thuirt labhraiche don Chomann gur dòcha gum feum cuid de shiostaman CCTV ùrachadh, no siostaman ùra air fad a bhith air an cur a-steach fo na molaidhean, agus dh'iarr iad gealltanasan gun deadh taic a thoirt don ghnìomhachas mu choinneimh chosgaisean sam bith a bhiodh an lùib nan laghan ùra, mar a thachair mar-thà sa Chuimrigh.