Connspaid mu chidhe Chreag an Iubhair

Cidhe Chreag an Iubhair Image copyright Richard Webb/Geograph

Chaidh molaidhean fhoillseachadh airson ùrachadh a thoirt air prìomh chidhe Eilein Mhuile, ach tha dragh air daoine sa choimhearsnachd mun deidhinn.

Tha muinntir an eilein air a bhith mì-thoilichte airson bliadhnaichean le staid cidhe Chreag an Iubhair.

Chuir Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid measadh air dòigh a choimhead ri cothroman gus an cidhe a leasachadh.

Thàinig sin gu crìch aig deireadh na bliadhna, agus chaidh molaidhean a-niste fhoillseachadh.

Bàtaichean Mòra

Chaidh an cidhe a th' ann a thogail ann an 1964, agus tha e am measg 40 cidhe ris a bheil a' Chomhairle an urra.

Tha obair-ùrachaidh a dhìth air a' chidhe, agus air an alt-aiseig cuideachd.

Tha dreidseadh cuideachd a dhìth an cois a' chidhe, agus tha CalMac air draghan a nochdadh mu shàbhailteachd a thaobh a bhith a' ceangal bhàtaichean ris a' chidhe air an oidhche.

Tha dùil gun toir e suas ri 10 bliadhna cidhe ùr a chur an àite an fhir a th' ann.

Mar sin tha fuasgladh ga shireadh san eadar-ama, agus gum faodadh sin suas ri £20m a chosg.

Tha ceithir molaidhean anns an aithisg a chaidh fhoillseachadh airson fuasgladh maireannach a lorg, agus tha dùil gum faodadh sin suas ri £74m a chosg.

Rathaidean

Ach tha cuid a-nis ag ràdh gu bheil na molaidhean a thàinig às an rannsachadh ro mhòr airson a' bhaile agus an eilein.

Feumaidh an cidhe ùr air a' cheann thall a bhith comasach air dèiligeadh ri bàt-aiseig còrr is 100 meatar de dh'fhaid a tha CalMac gu bhith a' cleachdadh.

Tha Comataidh Aiseagan Mhuile agus Eilein Ìdhe ag ràdh gun robh fios aig a' Chomhairle mu na trioblaidean bho 2012, agus tha iad ag ràdh nach fheum fuasgladh san eadar-ama suas ri £20m a chosg.

Tha iad fhèin air plana a chur a-steach nach cosgadh ach £4m.

Tha Comhairle Coimhearsnachd Mhuile ag ràdh gu bheil dragh air mòran dhaoine gu bheil na planaichean san ùine fhada ro mhòr, agus gu bheil iad an aghaidh cidhe cho mòr a bhith ann.

Tha iad cuideachd ag ràdh nach eil rathaidean an eilein comasach air dèiligeadh ris an tuilleadh chàraichean a bheireadh na bàtaichean nas motha a-steach.