Dùil ri ìomhaighean de dh'ospadal ùr

Ospadal an Ath Leathainn
Image caption Thèid an t-ospadal ùr an àite Ospadal Cuimhneachaidh an Dr MhicFhionghain a th' anns an Ath Leathann an-dràsta.

Thèid ìomhaighean den ospadal ùr a bhios san Ath Leathann fhoillseachadh dhan phoball air an ath-mhìos.

Ma thèid cùisean mar a dh'iarradh iad, thuirt NHS na Gàidhealtachd gun tòisich obair air an ospadal ùr am-bliadhna agus dùil gum bi e deiseil ro thoiseach na bliadhna 2021.

Cho-dhùin Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd gur ann san Ath Leathann a bu chòir ospadal ùr dhan Eilean Sgitheanach, Loch Aillse agus Iar-Dheas Rois a bhith air a shuidheachadh.

Bhon uairsin tha planaichean agus co-chomhairle air a bhith ann mun t-seòrsa cruth a tha còir a bhith air.

Thèid dealbhan den ospadal ùr fhoillseachadh dhan phoball aig dà sheisean fa leth air an ath-mhìos.

Coimhearsnachd

Thèid a' chiad sheisean a chumail aig Ionad Crìosdail an Taigh-Sholais ann an Caol Loch Aillse air an 6mh là den Ghearran.

Agus bidh seisean eile an là às dèidh sin ann an Tigh na Sgìre ann am Port Rìgh.

Tha seo a' tighinn aig an aon àm 's gu bheil leasachadh a' tighinn air na tha de luchd-obrach slàinte san eilein.

Tha am Bòrd Slàinte a' sireadh nursaichean agus luchd-taic do nursaichean airson Ospadal Phort Rìgh agus a' choimhearsnachd ann an ceann a tuath an eilein, a thuilleadh air cuideigin a bheireadh seirbheisean glanaidh agus seirbheisean bìdhe seachad anns gach ospadal.