Dòchas às ùr mu ghàrradh Àranais

Gàrradh Àranais
Image caption Bha BiFab, aig a bheil gàrraidhean ann am Fìobha a thuilleadh air Leòdhas, air a ghabhail thairis le companaidh à Canada an-uiridh.

Tha dòchas às ùr ann mu obair do ghàrradh togail Àranais ann an Leòdhas, ri linn adhartais le tuathan-gaoithe aig muir.

Dh'fhaodadh cuid den obair airson tuath-gaoithe Inch Cape, far a' chosta an ear, thighinn gu gàraidhean BiFab, 's dùil gum mair obair air an tuath-gaoithe sin sia bliadhna.

Tha aithrisean eile ann Diciadain gu bheil obair air fàire san aithghearrachd do na dusanan dhaoine aig Àranais, an lùib bhunaitean do thuath-gaoithe eile aig muir - Moray East.

Chaidh BiFab, aig a bheil gàrraidhean ann am Fìobha a thuilleadh air Leòdhas, a ghabhail thairis le companaidh à Canada an-uiridh.