Cuotathan iasgaich gan aontachadh

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, BBx

Thuirt Caidreachas Iasgairean na h-Alba gu bheil cuotathan èisg na h-ath-bhliadhna gu bhith na dhùbhlan dhaibh, ach gu bheil iad a' gabhail riutha.

Chaidh aonta air na 's urrainn do dh'iasgairean a ghlacadh far chosta na h-Eòrpa a ruighinn oidhche Mhàirt sa Bhruiseil.

Chaidh a ràdh gun robh na còmhraidhean sa Bhruiseil doirbh, le lùghdachadh air feadhainn de na cuotathan airson tràlairean na h-Alba.

Tha seo a' tighinn an cois casg air a bhith a' tilgeil èisg air ais dhan mhuir, ga chur an sàs air an 1mh là dhen Fhaoilleach.

Thuirt aon cheannard sa ghnìomhachas gun robh gearraidhean mòra a' tighinn air cuotathan cudromach, agus gun robh iasgairean agus coimhearsnachdan gam peanasachadh ann an dòigh mhì-chothromaich.

Thuirt riochdairean a' ghnìomhachas gu bheil an t-aonta a' dearbhadh gum bi iasgairean na h-Alba nas fheàrr dheth às dèidh Bhrexit, nuair a dh'fhàgas Breatainn Poileasaidh Choitcheann an Iasgaich.

Tha an EU ag ràdh ge-tà, gun tig fàs air cuid de chuotathan, nuair a thig comharran gu bheil stocan a' fàs nas fhallaine.