Còmhraidhean an iasgaich a' tòiseachadh

Uidheam tràlaidh

Tòisichidh còmhraidhean air cuotathan iasgaich sa Bhruiseil an t-seachdain seo.

Dh'fhaodadh gur iad seo na còmhraidhean mu dheireadh den leithid a bhios ann mus tèid Brexit a chur an sàs.

Le còmhraidhean gus tòiseachadh sa Bhruiseil, thàinig rabhadh bho Chaidreachas Iasgairean na h-Alba.

Thuirt àrd-stiùiriche na buidhne, Bertie Armstrong, nach bu chòir dhan EU na còmhraidhean idir a chleachdadh mar chothrom air Breatainn a pheanasachadh.

Dh'iarr e cuotathan cothromach, ciallach is practaigeach.

Nochd Riaghaltas na h-Alba dragh nach bi Ministear Iasgaich na Rìoghachd Aonaichte, Seòras Eustice, aig na còmhraidhean.

Thuirt Ministear Iasgaich na h-Alba, Fearghas Ewing, gu bheil Westminster air an "dàrna sgioba" aca a chur ann fo stiùir a' Mhorair Gardener.

Thuirt Defra gu bheil Mgr Eustice trang le Bile an Iasgaich aig Westminster, ach gum bi e gu mòr an sàs anns na còmraidhean bho astar.