Comhairliche ùr air a' Ghàidhealtachd

Comhairle na Gàidhealtachd

Chaidh Alasdair MacAonghais a thaghadh mar chomhairliche do Thaobh Siar Rois, Srath Pheofhair is Loch Aillse.

Shoirbhich le Mgr MacAonghais, a tha a' riochdachadh an SNP, às dèidh na h-ochdamh cuairte de chunntadh nam bhòtaichean.

Sa chuairt mu dheireadh, chrìochnaich e 428 bhòtaichean air thoiseach air an Tòraidheach, Gavin Berkenheger.

'S ann à Uibhist a Tuath a tha Mgr MacAonghais bho thùs.

Bha feum air comhairliche ùr às dèidh dhan Lib-Deamach Ceit Stephen a' Chomhairle fhàgail.

Leig i seachad obair na comhairle is i air gluasad a dh'Inbhir Nis gus obair acadaimigeach a dhèanamh.

'S iad Biz Chaimbeul (Neo-Eisimileach), Iain Cockburn (SNP) is Derek MacLeòid (Tòraidh) na comhairlichean eile a tha a' riochdachadh na sgìre.