"Oidhirp mhòr a dhith" bho luchd na Gàidhlig

Sabhal Mòr Ostaig Image copyright JOHN ALLAN/GEOGRAPH
Image caption Bha Ceit Fhoirbeis a' toirt seachad Òraid an t-Sabhail Mhòir

Thuirt am BPA Ceit Fhoirbeis gum bu chòir do luchd-labhairt na Gàidhlig an cànan a chleachdadh "gu h-àrd agus gu follaiseach".

Bha i a' toirt seachad Òraid an t-Sabhail Mhòir anns an Eilean Sgitheanach Dihaoine.

Thuirt i gun deach adhartas fìor mhath a dhèanamh anns na bliadhnaichean a dh'fhalbh airson a' Ghàidhlig a dhèanamh tèarainte, ach gum feum barrachd a bhith air a dhèanamh fhathast, agus gu sgiobalta.

"Àbhaisteachadh"

Rinn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, BBC ALBA agus Fèisean nan Gàidheal feum mòr dhan ghinealach aice-se, thuirt i, ach chan urrainnear idir an t-strì sin a leigeil seachad.

"Cha dèan foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a' chùis leis fhèin" thuirt i, ach gum feumadh an cànan a bhith air a chleachdadh cuideachd air taobh a-muigh na sgoile.

"Feumaidh misneachd a bhith againn an cànan a chleachdadh gu h-àrd agus gu follaiseach" thuirt i.

Nam bruidhneadh barrachd dhaoine a' Ghàidhlig gu poblach, ann an àitichean leithid Pàrlamaid na h-Alba, dheadh a faicinn an uair sin mar rud nas àbhaistiche thuirt i.