Ceum air adhart le Sgoil Bhàgh a' Chaisteil

Bàgh a' Chaisteil

Chaidh fàilte air planaichean airson sgoil ùr a thogail ann am Barraigh.

Tha Comhairle nan Eilean Siar air na planaichean a chur air adhart mar phàirt den phròiseict gus ospadal ùr a thogail san eilean.

Bhiodh goireasan slàinte is cùram sòisealta agus foghlam uile a' dol còmhla air an aon làraich.

Thuirt fear de chomhairlichean Bharraigh, Dòmhnall Manford, gur e pròiseict air leth a th' ann, is gu bheil e cho cudromach 's a ghabhas dhan eilean.

Dragh

Thug an Comh. Manford rabhadh seachad cuideachd ge-tà, nach bu chòir dhan leasachadh dàil idir adhbharachadh anns na planaichean airson ospadail ùir ann am Barraigh.

Thuirt e gur e iomairt a tha sin a tha air a bhith a' leantainn fad bhliadhnaichean is gu bheil e a-nise aig ìre adhartaich is dùil ri Làn-Chùis Ghnothachais.

Dh'innis an Comh. Manford gu bheil e air barantasan fhaighinn nach toir pròiseict na sgoile droch bhuaidh air adhartas leis an ospadal ùr.

Thuirt Fear-Gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, gu bheil e ag aontachadh ri beachd Dhòmhnaill Manford.

Gheall e gun cum a' Chomhairle uallach air Bòrd-Slàinte nan Eilean gus dèanamh cinnteach gun gluais na pròiseictean air adhart còmhla.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile